Dùil ri freagairt air ceist dùnadh sgoiltean eileanach

  • 19 An Giblean 2013
Sgoil Sheileaboist
Image caption Dùinidh Sgoil Sheileaboist sna Hearadh as t-Samhradh am bliadhna.

Thèid beachdachadh air ceist dùnadh sgoiltean sna h-Eileanan Siar air 30mh an Giblean, mìos gu leth nas tràithe na bha dùil.

Chuir an Riaghaltas stad air a' Chomhairle a bha feuchainn ri ceithir sgoiltean a dhùnadh, agus tha a' chùis air a dhol gu ath-bhreithneachadh cùirte, agus tagradh ann an Cùirt an t-Seisein.

Bidh coinneamh ann an t-seachdain seo tighinn cuideachd, eadar a' Chomhairle agus Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell.

Chaidh co-dhiù £100,000 a' chosg gu ruige seo, agus tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil e a' cosg nan ceudan mhìltean not dhaibhsan na sgoiltean a chumail fosgailte.

Tha pàrantan aig Sgoil Sheileaboist anns na Hearadh air aontachadh gun dùin an sgoil as t-Samhradh am bliadhna.

Thèid àrd-sgoil dà bhliadhna Lionail ann an Nis a chumail fo sgiath Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

Tha àrd-sgoiltean dà bhliadhna ann an Siabost agus Càrlabhagh air taobh siar Leòdhais fhathast gun cho-dhùnadh deireannach.

Foillsichidh an Coimisean Riaghaltais a tha a' coimhead ri foghlam ann an sgìrean dùthchail aithisg ann an Inbhir Nis Dihaoine, ach chan eil dùil gum bi iomradh ann air suidheachadh nan Eilean Siar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile