Saoghal ùr Brave

  • 17 An Giblean 2013
Dealbh bho Brave Image copyright DISNEY-PIXAR
Image caption Tha am fiolm a' coimhead ri sgeulachd Merida.

Tha dùil ri seasan turasachd gu math trang anns na h-Eileanan Siar am bliadhna air sgàth an fhiolm Brave aig Disney-Pixar.

Tadhlaidh co-dhiù dusan bus làn luchd-turais a th' air tursan Brave a Leòdhas, far an tèid iad gu Tursachan Chalanais, Taigh Dubh Àrnoil, na Gearannan agus Dùn Chàrlabhaigh.

'S ann às na Stàitean Aonaichte a bhios a' mhòr-chuid den luchd-turais agus tha tursan naoi là a' cosg $5,959 airson inbheach agus $5,659 airson leanaibh.

Tha mòran a th' ann am Brave stèidhichte air na chunnaic sgrìobhadairean agus luchd-ealain an fhiom air Ghàidhealtachd, an Earra-Ghàidheal agus anns na h-Eileanan Siar.

Merida

Tha am fiolm a' coimhead ri sgeulachd na Bana-Phrionnsa Gàidhealaich Merida.

Chuir na cleasaichean Albannach Kelly NicDhòmhnaill agus Billy Connolly, am measg eile, an guthan ri caractaran agus ghabh an seinneadair Gàidhlig Julie Fowlis òrain anns an fhiolm.

VisitScotland

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Ailean MacCoinnich bho VisitScotland a' bruidhinn mu bhuaidh an fhiom Brave.

Rinn VisitScotland iomairt mhòr shanasachd an-uiridh nuair a nochd Brave anns na taighean-dealbh, agus tha e a' coimhead coltach ris gun do dh'obraich an cuid saothair.

Thuirt Manaidsear VisitScotland anns na h-Eileanan Siar, Ailean MacCoinnich, gum faca na h-eileanan buaidh an fhiolm gu math luath agus nach e "buaidh ro bheag a th' ann a bharrachd."

Bidh tursan Brave cuideachd a' dol dhan Eilean Sgitheanach, mòran àiteachan eile air Ghàidhealtachd, a Dhùn Èideann agus a dh'earra-thuath na h-Alba.