Cion aonta mu mhinistearan gèidh

Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba Thèid dà mholadh a chur air beulaibh an Àrd-sheanaidh sa Chèitean

Dh'fhailich air Coimisean Diadhaireachd a stèidhich Eaglais na h-Alba beachd aonaichte a ruighinn mu am bu chòir do mhinistearan gèidh a bhith air an ceadachadh anns an eaglais.

Chaidh an Coimisean a chur air dòigh ann an 2011, às dèidh a' bhuairidh a nochd nuair a chaidh an t-Urr. Scott Rennie, a bh' ann an càirdeas le fireannach eile, a phòsadh ri cothional Chrois na Ban-rìghinn ann an Obar Dheathann.

Às dèidh dhaibh dà bhliadhna a chur seachad a' rannsachadh na cùise, tha an Coimisean ag ràdh nach urrainn dhaibh moladh aonaichte a chur air adhart.

Dà roghainn

Tha an Coimisean a-nis a' cur dà bheachd mu choinneimh an Àrd-Sheanaidh - fear dhiubh a cheadaicheadh ministearan gèidh, cho fad 's gum biodh iad ann an compairteachas catharra, agus fear eile a chuireadh casg orra.

Ma thèid gabhail riutha, thathas a' gealltainn cuideachd dìon a chur air saorsa cogais an fheadhainn nach aontaicheadh ri ministearan gèidh.

Tha an Coimisean ag ràdh gu bheil an aithisg aca a' sealltainn cho measgaichte 's a tha beachdan dhaoine mun chùis taobh a-staigh na h-eaglaise.

Tha iad ag ràdh gum feum an t-Àrd-Sheanadh cnuasachadh gu math mionaideach a dhèanamh air a' ghnothach leis gum faodadh e a buaidh mhòr a thoirt air an eaglais anns an àm ri teachd.

Tòisichidh an t-Àrd-Sheanadh ann an Dùn Èideann air an 18mh là den Chèitean.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.