Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan

17 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tiodhlaigeadh

Tha còrr is dà mhìle duine air cruinneachadh ann an Cathair Eaglais an Naoimh Pòil ann an Lunnainn aig seirbheis tiodhlaigidh na Bana-Mhorair Thatcher. Chaidh a ciste a ghiùlain à Lùchairt Westminster le geaird bho na feachdan armaichte. Tha tearainteachd mhòr ann agus còrr agus ceithir mìle oifigear-poilis air na sràidean gun fhios nach dèan an luchd-iomairt buaireadh. Seo Iona NicRisnidh:

Anns an uair a thìde mu dheireadh, chaidh ciste na Bana-Mhorair Thatcher a thoirt bho Lùchairt Westminster gu Eaglais an Naoimh Clement Danes far an do rinneadh ùrnaighean. Às an sin, chaidh a ghiùlain air carbad-gunna tro shràidean Lunnainn gu Cathair Eaglais an Naoimh Pòil. Bha buill dhen na feachdan armaichte a-muigh mar gheard urramach air na sràidean. Anns na beagan mhionaidean a dh'fhalbh ràinig an carbad Cathair Eaglais an Naoimh Pòil agus tha seirbheis an tiodhlaigidh air tòiseachdainn. A-measg na tha an làthair tha a' Bhan-rìgh agus Dìuc Dhùn Èideann agus an lan Chaibeanat a bharrachd air còrr is dà mhìle neach eile bho air feadh an t-saoghail. Tha còrr is ceithir mìle neach-poilis air na sràidean ge-tà agus tearainteachd gu math teann ri linn dragh gun dèan luchd-iomairt an aghaidh na Bana-Mhorair agus a poileasaidhean buaireadh.

Spreadhaidhean

Tha an FBI ag ràdh gu bheil beachd nas fheàrr aca a-nis air an t- seòrsa stuth a bha san dà bhom a spreadh aig marathon Bhoston, a' marbhadh triùir agus a' leòn faisg air ceithir fichead duine - seachd duine deug dhiubh gu dona. Chaidh ball-bearings agus taragan fhaighinn san sgìre agus tha beachd ann gun deach na bomaichean a dhèanamh le pressure cookers.

Seach-rathad Inbhir Nis

Chaidh Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, às àicheadh gu làidir gun tug Tesco agus Tulloch Homes buaidh sam bith air an taghadh slighe son rathad ùr air taobh siar Inbhir Nis. Tha seo an dèidh dha tighinn am follais, le rannsachadh a rinn am BBC, gu robh an dà chompanaidh sin a' cur cuideim air a' Chomhairle an rathad ùr a chuir tro Phàirce a' Chanal agus gun cuireadh iad an aghaidh roghainn eile le drochaid gu Cuaraidh Thòrr Bheathainn.

Rathad an t-Sròim

Agus tha fear de bhuill na Gàidhealtachd ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rob Gibson, ag ràdh nach cuireadh e iongnadh sam bith air-san nam biodh an luchd-leasachaidh air a bhith a' coiteachadh na Comhairle mun rathad ùr air taobh siar Inbhir Nis. Tha Mgr Gibson ag ràdh, leis an àimhreit a th' ann mun sgeama sin , gum bu chòir dàil a chuir sna planaichean sin agus an t-airgead a chuir an àite sin gu ruige leasachadh air seach-rathad an t-Sròim air Taobh Siar Rois, eadar an Caol agus Strath Charrann, a tha dùinte tric le creagan a' tuiteam os a chionn.