Còmhraidhean mu iasgach a' mhuasgain chaoil sa Chuan Sgìth

  • 17 An Giblean 2013
Bàt-iasgaich
Chaidh 30% a bharrachd de mhuasgain-chaola a ghlacadh an-uiridh na a' bhòn-uiridh.

Tha oifigich bho Riaghaltas na h-Alba sa Bhruiseal a' feuchainn ri faochadh fhaighinn bho riaghailtean a dh'fhaodadh stad a chur air iasgach a' mhuasgain-chaoil sa Chuan Sgìth as t-Samhradh.

Thàinig tràlairean a' chost an ear an-uiridh agus thug iad cus de na muasgain leotha.

Tha iasgairean a' chost an iar ag ràdh, nan èisteadh na h-ùghadarrasan riuthasan, nach leigeadh iad a leas casg a chur air an iasgach.

"'S e an Riaghaltas as coireach ris, airson chaidh a ràdh riutha timcheall air bliadhna air ais, gun robh bàtaichean mòra bhon chosta sear air a thighinn a-nall, agus thuirt iad rinn meadhan an t-Samhraidh an-uiridh, nach robh uallach sam bith orra," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"An uair sin mhothaich iad gun robh timcheall air 800,000 kw-làithean a bharrachd air a ghlacadh na bha air a' bhliadhna ron a sin.

"'S e na bàtaichean a bu mhotha a bha sin a ghlac na bha sin.

"Agus bha sin timcheall air 30% a bharrachd air na b'àbhaist a bhith air a ghlacadh.

"Nam biodh iad air èisteachd ris a' ghnìomhachas nuair a chaidh a ràdh riutha sa chiad àite, cha bhiodh e air tachairt idir," thuirt e.

Thuirt Rùnaire an Iasgaich, Riseard Lochhead, gun robh riaghailtean Eòrpach a' fàgail nach robh mòran a ghabhadh dèanamh mun t-suidheachadh.