Gàidhlig ga brosnachadh an Glaschu

  • 17 An Giblean 2013
Sgoilear
Tha uidhir a' frithealadh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu 's gun tèid bun-sgoil Ghàidhlig ùr fhosgladh air taobh deas a' bhaile.

Tha Comhairle Bhaile Ghlaschu a' sireadh bheachdan air an dàrna plana Gàidhlig aca.

Tha am plana, airson nam bliadhnaichean 2013 gu 2017, ag amas air a' Ghàidhlig a dhèanamh nas fhollaisiche anns a' bhaile.

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith gu math soirbheachail ann an Glaschu, 's uidhir de chloinn a' frithealadh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu 's gu bheilear a-nis am beachd bun-sgoil Ghàidhlig ùr fhosgladh air taobh deas a' bhaile.

Tha dùil gum fosgail an sgoil ùr ann am Pollokshields ann an 2015.

Cothroman ionnsachaidh

Tha am plana Gàidhlig a' moladh tuilleadh chothoman a thoirt do dh'inbhich Gàidhlig ionnsachadh, agus tha e cuideachd a' togail air mar a tha cuid de thidsearan bun-sgoile anns a' bhaile ag ionnsachadh a' chànain gus am faigh iad air beagan Gàidhlig a theagasg dhan chloinn.

Thuirt Oifigear Gàidhlig na Comhairle, DK Mac a' Phì, gu bheil iad a' coimhead ri barrachd chothroman a thoirt do dhaoine Gàidhlig a bhruidhinn, le bhith ga fighe a-steach gu tachartasan spòrs, ealain is eile.

Thig an co-chomhairleachadh gu ceann air an 15mh là dhen Chèitean.