Dearbhadh mu bhàs

  • 16 An Giblean 2013

Dhearbh na poilis gur e corp fireannaich a chaidh a dìth ann an Inbhir Nis a chaidh a lorg faisg air Ceasaig a Tuath.

Chaidh fios a chur gun robh Blair Davidson, 18, a dhìth air an 28mh den Dùbhlachd 2012.

Chaidh fhaicinn mu dheireadh faisg air Drochaid Cheasaig ann an ceann a tuath Inbhir Nis.

Fhuairear an corp aige air an tràigh ann an Ceasaig a Tuath aig 15:30 Diardaoin.