Companaidh uisge-bheatha ga ceannach

  • 15 An Giblean 2013
Taigh-staile Bunnahabhain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha Taigh-staile Bunnahabhain an Ìle a-nis le companaidh à Afraga a Deas.

Cheannaich buidheann dibhe à Afraga a Deas a' chompanaidh uisge-bheatha Burn Stewart Distillers.

Phàigh iad £160m airson na companaidh.

Tha trì taighean-staile aig Burn Stewart a bhios a' dèanamh Bunnahabhain, Tobermory, Scottish Leader agus Black Bottle.

Fàs

Thuirt a' bhuidheann a th' air Burn Stewart a cheannach, an Distell Group, gu bheil fàs a' tighinn air gnìomhachas an uisge-bheatha gu h-eadar-nàiseanta.

Bha co-bhanntachd eadar Distell agus Burn Stewart ann an Afraga bho 2007.

Tha ionadan aig Burn Stewart ann an Cille Brìghde an Ear agus ann an Àird Rìgh agus taighean-staile anns an Dùn ann an Siorrachd Pheairt, ann an Ìle agus ann am Muile.

'S e Scottish Leader an t-uisge-beatha as prothaidaiche a th' aca.