Taigh-staile eile san amharc ann an Srath Spè

  • 15 An Giblean 2013
Stailleachan Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha barrachd thaighean-staile ann an Srath Spè na tha ann an sgìre sam bith ann an Alba.

Tha dùil gum faigh taigh-staile ùr ann an Srath Spè cead-dealbhachaidh an t-seachdain seo.

Tha oifigich a' moladh do chomhairlichean Moireibh gun toir iad cead seachad airson a' phlana.

Bhiodh taighean-bathair an lùib an taighe-staile ùir, air làrach seann taighe-staile Imperial, faisg air Obar Lobhair.

Coinnichidh comhairlichean gus an sgeama a dheasbad Dimàirt.

'S iad Chivas Brothers Eta a th' air cùlaibh a' mholaidh.

Dhùin taigh-staile Imperial anns na 1980an, 's cha deach càil a dhèanamh leis an làraich bhon uair sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile