Bàt-aiseig eile air briseadh sìos

  • 15 An Giblean 2013

Bhris bàta-aiseig eile le CalMac air an deireadh sheachdain.

Dh'fheumadh MV Hebrides tilleadh a dh'Ùige san Eilean Sgitheanach ri linn trioblaid teicnigich Là na Sàbaid.

Bha sin às dèidh mar a bhrìs fear de na h-einnseanan air MV Isle of Lewis, agus mar a dh'fheumadh an Lord of the Isles a thoirt a-mach à seirbheis airson a glanadh.

Bha maill fhathast madainn Diluain air clàr-ama nan aiseagan dha na Hearadh agus a dh'Uibhist a Tuath ri linn na trioblaid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile