Airgead 'son ionadan slàinte

  • 12 An Giblean 2013
Druim na Drochaid
Gheibh muinntir Dhruim na Drochaid ionad-slàinte ùr.

Thug Riaghaltas na h-Alba cead dha NHS na Gàidhealtachd £3m a chosg air dà ionad slàinte sa sgìre.

Thuirt am bòrd slàinte gur e ceum mòr a tha seo sna planaichean aca ionad gu tùr ùr a thogail ann an Druim na Drochaid agus crìoch a chur air an treas ìre de dh'obair leasachaidh air ionad Inbhir Pheofharain.

Thèid £1.5m a chosg air a bhith a' togail ionad Dhruim na Drochaid agus an £1.5m eile air ionad Inbhir Pheothfharain.

Bidh ionad Dhruim na Drochaid air làraich mu choinneamh an ionaid a th'ann air Rathad Bhaile Mac Cathain.

Thabhann uachdaran ionadail am fearann dhan bhòrd.

Goireasan

Tha moladh ann cuideachd taigheadas a chur air an làraich.

Thòisich còmhraidhean le Comhdhail na h-Alba rathad ùr a thogail chun na làraich agus cearcall-rathaid a chur far an A82, rud a chosgas £250,000.

Ann an Inbhir Pheothfharain, tha iad a' sgeadachadh nan rumanan agus a' cur goireasan nas fheàrr annta dha dotairean agus luchd-altruim.

Thèid atharrachaidhean a dhèanamh air an ionad-fàilteachaidh agus rianachd cuideachd.

Thuirt NHS Highland gu bheil an obair seo a' ciallachadh gun urra dhaibh an rùm a th' aca ann am mullach an togalaich a leasachadh.

Tha iad an dòchas àite-coimhearsnachd agus goireasan 'son luchd-obrach agus euslaintich a chur an sin.

Thàinig an obair a bhathas a' dèanamh air an ionad gu ceann lethach slighe an-uiridh ri linn cion airgid.