Ceannard ùr air a' Choimisean

  • 12 An Giblean 2013
Catriona NicIlleathain Image copyright Coimisean na Croitearachd
Image caption Tha Catriona NicIlleathain glè eòlach air Coimisean na Croitearachd.

Chaidh boireannach à Leòdhas ainmeachadh mar àrd-oifigear ùr Choimisein na Croitearachd.

Rugadh Catriona NicIlleathain ann an Glaschu, ach ghluais i gu Àrd Tung nuair a bha i òg is bha i na sgoilear aig Sgoil MhicNeacail.

Dh'obraich i aig a' choimisean cheana fad ceithir bliadhna deug ann an dreuchdan eadar-dhealaichte, Ceanard Riaghlaidh nam measg.

Tha i a' gabhail àite Nick Reiter, a leig dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna an-uiridh.

"Tha mi air mo dhòigh a dhol nam àrd-oifigear air Coimisean na Croitearachd", thuirt Catriona NicIlleathain.

"S ann bho chionn còig bliadhna fichead a thòisich mi aig a' choimisean an toiseach, agus ged a tha cùisean air atharrachadh dhomh fhìn agus dhan bhuidhinn, tha croitearachd air a bhith cudromach dhomh thar nam bliadhnaichean sin.

"Tha fiughair orm a-nise co-obrachadh a dhèanamh gus an dèan Coimisean na Croitearachd diofar do chroitearachd fhèin agus do mhuinntir na h-Alba", thuirt i.

Atharrachadh

Thuirt tè-ghairm Choimisein na Croitearachd, Susan Walker, gun robh atharrachadh mòr air tighinn air a' bhuidhinn sa bhliadhna mu dheireadh.

Tha i ag ràdh gu bheil am pròiseas sin a-nise seachad agus gun toir Catriona NicIlleathain farsaingeachd do thàlantan dhan bhuidhinn.

Thug i taing do Dhàibhidh Balharry a bha na àrd-oifigear eadar-amail.

Tha Catriona NicIlleathain an-dràsta ag obair ann an Inbhir Nis, agus i an dùil tòiseachadh san dreuchd ùr an ath-mhìos.

Tha i a' tighinn dhan obair agus dùil ri bile croitearachd ùr an ceartuair.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba air a' mhìos a chaidh gun rachadh bile a chur tron phàrlamaid gus dèiligeadh ri uireasbhaidhean ann an Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd.

Bha sin às dèidh dhan Choimisean casg a chur air daoine a th' air an croitean a cheannach bho bhith a' toirt talamh a-mach à croitearachd, air sgàth draghan mu bhriathrachas anns an achd a th' ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile