Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Coiria

Tha Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, ann an Coiria a Deas airson còmhraidhean mun èiginn eadar iad agus Coiria a Tuath. An-dè, thuirt Ameireaga gum faodadh Coiria a Tuath a bhith comasach air armachd-niuclasach a cheangal ris na h-urchairean ballistic aca, ach tha am Pentagon bhon uairsin air tarraing air ais bhon aithris sin.

Sìona

Chaidh Sìona às àicheadh gu bheil i a' neartachadh a h-armachd air a crìoch ri Coiria a Tuath. Thuirt seirbheis naidheachd na staite ann an Sìona gu bheil iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh agus gun dèan iad na dh'fheumas airson sìth a chumail anns an sgire.

Turas a' Chamshronaich

Bidh Dàibhidh Camshron ann am Berlin an-diugh far an coinnich e ri Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel. Feuchaidh iad ri aonta, gu ìre air choireigin, a dhèanamh mu phlana Mhgr Chamshroin airson ath-leasachadh air an Aonadh Eòrpach.

Cìsean

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba sgrùdadh air cìsean thairis air an 30 bliadhna mu dheireadh a tha ag ràdh gu bheil Alba a' cur a cuid fhèin, agus barrachd, ris an Rìoghachd Aonaichte. Thuirt iad gun robh teachd a-steach cìse de cha mhòr £50 billion ann an Alba an-uiridh, agus tha sin nas àirde, a rèir àireamh sluaigh, na an còrr den Rìoghachd. Ach tha na Làbaraich ag ràdh nach eil sin ag innse na sgeòil gu lèir, oir gu bheil an t-suim a' crochadh gu mòr air airgead ola a' Chuain a Tuath, agus nach eil e ag innse nas motha dè tha Alba a' cosg.

Luaith

Dh'iarr Leas Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, rannsachadh nas fharsainge air mar a thathas a' dèiligeadh ri luaith leanaban. Tha seo an dèidh sgainneal ann an Glaschu agus ann an Dùn Èideann far an deach innse do phàrantan naoidheanan a rugadh marbh, nach fhaigheadh iad idir an luaith, nuair a chaidh ann am firinn, an dust a thiodhlaigeadh gun fhiosda dhaibh.

Isle of Lewis

Dh'iarr Ball nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, air Caledonian Mac a' Bhriuthainn innse de an t-adhbhar air a bheil an Isle of Lewis a' bristeadh sìos cho tric air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Tha sin air tachairt dà thuras bho bha i air a turàs bhliadhnail anns an doc. Thuirt Cal Mac nach eil an Isle of Lewis a' bristeadh sìos dad nas trice na tha dad de na bàtaichean eile aca.