Seòladair a dhìth faisg air an Òban

  • 12 An Giblean 2013
Dùn Stafhainis Image copyright Andrew Mitchell/Geograph
Image caption Tha mòran sheòladairean a' cleachdadh marina Dhùin Stafhainis.

Tha daibhearan poilis a' leantainn orra le iomairt theasairginn son lorg fhaighinn air seòladair a chaidh a dhìth aig marina Dhùin Stafhainis faisg air an Òban.

Chuirear fios air na buidhnean-èiginn Diardaoin agus chaidh na daibhearan a-mach ga shireadh le taic bho bhàta-teasairginn an Òbain agus na maoir-chladaich.

Bha an duine, nach deach ainmeachadh gu h-oifigeal, air saor-làithean air an iacht aige.

Tha am bàta aige ann an Dùn Stafhainis làn ùine agus tha e air a bhith a' dol ann, à Sasainn, fad dusan bliadhna.

"Tha sinn a' rannsachadh aithris gu bheil cuideigin a dhìth ann an sgìre mharina Dhùn Stafhainis.

"Dh'fhaodadh gu bheil an duine sin sa bhùrn, neo dh'fhaodadh nach eil," thuirt Àrd Inpseactair Eadar-amail Poilis an Òbain, Alasdair MacDhàibhidh.

Geòla

Se Tim Aitkenhead, bho Alba Sailing, a chuir fios air na buidhnean-èiginn.

"Tha mise ag obair shìos ann an seo agus bha mi dheth Diluain agus Dimàirt.

"Bha fios agam gu robh an duine a' dol dhachaigh Dimàirt, ach bha a' gheòla bheag aige fhathast ann an seo Diciadain.

"Chan eil sin a-mach às an àbhaist, bidh daoine a' tighinn sa falbh.

"Ach an-diugh (Diardaoin) bha a' gheòla fhathast san aon àite.

"Bha fios agam gu robh e a' fuireach air an iacht, ach cha robh a' gheòla air gluasad.

"Le sin bha fios agam nach robh e air a bhith a-muigh air a' bhàta tron oidhche, thuirt Mgr Aitkenhead.

Tha Maoir-chladaich an Òbain, Bàta-teasairginn an Òbain agus Maoir-chladaich a' Ghearasdain, a thuilleadh air daibhearan poilis, air a bhith an sàs san iomairt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile