Cothrom cosnaidh an Hiort

Hiort

Tha fèill mhòr air dreuchdan ùra ealain ann an Hiort.

Nochd cothroman cosnaidh do dhithis a bhith nan luchd-ealain san eilean anns an t-samhradh.

'S iad Taigh Chearsabhagh agus Urras Nàiseanta na h-Alba a tha air cùl na pròiseict.

Thèid an obair a nì an luchd-ealain a thaisbeanadh ann an Taigh Chearsabhagh air a' cheann thall.

Thig taic-airgid bho Stòras Bliadhna Nàdarra na h-Alba.

Tha an an dà dhreuchd fosgailte do luchd-ealain bho air feadh an t-saoghail.

A rèir coltais, tha farpais mhòr gu bhith ann 'son nan dreuchdan.

"Tha còrr is 40 duine air ùidh a shealltainn mar thà agus cha robh e anns na pàipearan fhathast - tha mi a' smaoineachadh gum bi na ceudan ann", thuirt Tormod MacLeòid bho Thaigh Chearsabhagh.

Faodaidh an luchd-ealain iad fhèin co-dhùnadh dè seòrsa cruth a bhios air an obair a nì iad.

"'S dòcha nach dèan iad obair fhads a tha iad ann", thuirt Tormod MacLeòid.

"'S dòcha dìreach gum feum iad àm 'son smaoineachadh agus 's dòcha gun dèan iad an obair ann am bliadhna eile.

"Tha Taigh Chearsabhagh an ath-bhliadhna ag obair air bliadhna mu dheidhinn Hiort fhèin a dhèanamh a thaobh eachdraidh is ealain. Tha mi a' smaoineachadh gur e bliadhna mhòr Hiort a bhios ann ann an Uibhist fhèin", thuirt e.

Bu chòir do dhuine sam bith aig a bheil ùidh anns na dreuchdan fios a chur air oifigear-ealain Thaigh Chearsabhagh, Andy MacFhiongain.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.