Seirbheisean Gàidhlig a' dol à bith?

Sgeulachdan co-cheangailte

Tha coltas ann gu bheil searmanachadh sa Ghàidhlig an cunnart a dhol à bith anns an Eaglais Shaoir, a-reir an Urramaich Ìomhair Màrtainn, a tha na chathraiche air Bòrd Colaiste na h-Eaglaise.

Chan eil ach aon duine a' dol tron cholaiste an-dràsta a bhios comasach air searmanachadh sa Ghàidhlig.

Thuirt e nach robh Gàidhlig fiùs aig daoine à Leòdhas a bha a' dol tron cholaiste agus nach robh iad a' faicinn mòran feum sa chànan.

Bha e ag ràdh gum biodh an eaglais deònach daoine a bhrosnachadh gus a' Ghàidhlig a chleachdadh nam biodh "feum ann".

Crìonadh na Gàidhlig

Ach, thuirt e: "Mur a h-eil feum ann, chan e dleastanas na h-eaglaise a bhith a' toirt misneachadh dha foghlamaich rudan a dhèanamh nach bi iad a' dèanamh tro am ministrealachd.

"Mur a h-eil Gàidhlig ann, chan eil feum sam bith aig an eaglais a bhith a' cumail an àirde cànan an àite a bhith a' dol am measg dhaoine leis an t-soisgeul."

Ach, bha e cuideachd ag ràdh gu bheil e mì-fhortanach mar a tha a' Ghàidhlig a' dol sìos anns na h-eaglaisean.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Sgeulachdan co-cheangailte

Sgeulachdan aithriseach

  • DìleasRobo Chù Listen

    Luchd-saidheans ag ràdh gun gabhadh ròbotan a chleachdadh an àite chon-chaorach airson caoraich a bhuachailleachd.


  • Am prìomh thogalachCampas ùr Inbhir Nis

    Tha obair a' leantainn aig làrach ùr Colaiste Inbhir Nis, le leasachaidhean eile na broinn.


What is VOCAB? Deth'ann a VOCAB?

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.