Rabhadh mu thaigheadas ùr aig tuath

  • 11 An Giblean 2013
Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Tha sgaradh-bheachd ann mu phlana na comhairle.

Thàinig rabhadh gum faodadh barrachd dhaoine a bhith gun dachaidh air a' Ghàidhealtachd air sgàth planaichean na comhairle gus taighean ùra a thogail.

Tha a' chomhairle an-dràsta a' beachdachadh air cha mhòr 200 taigh le aona seòmar-leapa a thogail no a leasachadh.

'S e oidhirp air fuasgladh a bhiodh seo air lùghdachadh a dhèanamh air na tha do dhaoine a tha a' fuireach ann an taighean HMO, far a bheil mòran rùmanan air màl.

Tha co-dhuibh triùir a' fuireach ann an taighean HMO is iad a' roinn cidsin is taigh-beag.

Gu tric bidh Comhairle na Gàidhealtachd a' cur feadhainn a tha gun dachaidh ann an taighean HMO leis gu bheil dleasdanas orra àite-fuirich a lorg dhaibh.

Tha sin air a bhith cosgail dhan chomhairle agus 's e sin a tha a' fàgail gu bheil iad am beachd taighean le aona seòmar-leapa a thogail iad fhèin gus am bi àiteachan-fuirich aig a' chomhairle do dhaoine gun dachaidh.

2017

Tha iad a' coimhead ri cha mhòr 200 taigh a thogail air neo a leasachadh air feadh na Gàidhealtachd ro 2017.

A rèir na comhairle bhiodh sàbhaladh de chòrr is £1m ann dhaibh nam biodh taighean aca fhèin, seach a bhith a' pàigheadh màl do dh'uachdaran prìbhideach.

"Tha dleasdanas moralta againn daoine gun dachaidh a chuideachadh", thuirt ceannard na comhairle, Drew Hendry.

"Bhiodh seo na chuideachadh do dhaoine feuchainn ri taigh fhaighinn dhaibh fhèin", thuirt e.

Tha cunnartan an lùib a' phlana cuideachd, a rèir a' chomhairliche Mairead Davidson, a b' àbhaist a bhith na ceannard air comataidh taigheadais na comhairle.

"S e deagh bheachd a tha seo ach tha cunnartan ann cuideachd", thuirt i.

Cìs an t-seòmair-leapa

"Tha atharrachadh ann an siostam nan sochairean againn, a' gabhail a-steach cìs an t-seòmair-leapa.

"Fàgaidh e gu bheil tòrr a tha air liosta feitheamh na comhairle is a bha a' smaointinn gum faigheadh iad taigh le dà sheòmar-leapa, a-nise 's e aona sheòmar-leapa a gheibh iad.

"An uairsin, tha sinne a' togail nam flataichean seo agus tha eagal orm mun teachdaireachd a tha seo a' cur do dhaoine a bha a' feitheamh bliadhnaichean 'son taigh.

"Tha sinn air a bhith a' dèanamh glè mhath ann a bhith a' lùghdachadh na th' ann de dhaoine a tha gun dachaidh - tha sinn air a ghearradh ann an dà leth.

"Tha eagal orm le na h-atharraichean seo - eadar seo is cìs an t-seòmair-leapa - uile a' tighinn a-steach gur dòcha gun tèid cùisean air ais.

"Dh'fhàgadh sin gum biodh feum againn air barrachd àiteachan-fuirich eadar-amail is bhiodh sin na thàmailt", thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile