Isle of Lewis na tàmh

  • 11 An Giblean 2013
BBC
Tha an Isle of Lewis briste a-rithist.

Tha troimh-chèile a bharrachd ann a thaobh chuid de sheirbheisean Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn agus an Isle of Lewis a-nise na tàmh.

Bhris an aiseag Diciadain nuair a sguir tè de na h-einnseanan aice fhads a bha i air an t-slighe eadar Steòrnabhagh is Ulapul.

Ràinig i Ulapul air a' cheann thall oidhche Chiadain ach chan eil i air seòladh bhon uairsin is chan eil fios aig Cal Mac dè cho fad sa mhaireas an suidheachadh.

Dhearbh iad nach seòl am bàta Diardaoin idir is tha iad a' cur luchd-siubhail air an t-seirbheis eadar Ùige agus Tairbeart na Hearadh san eadar-ama.

Chaidh seòlaidhean a bharrachd a chur air dòigh eadar an Tairbeart is Uige aig 19.45 agus an uairsin eadar Uige is an Tairbeart aig 21.45.

Bus

Bidh bus ann 'son luchd-siubhail a thoirt bhon Tairbeart gu Steòrnabhagh agus fàgaidh bus Inbhir Nis aig 15.00 Diardaoin 'son luchd-siubhail a thoirt a dh'Uige.

Bu chòir do dhaoine a bha an dùil a dhol eadar Ulapul is Steòrnabhagh fios a chur air Cal Mac gus an ticeadan atharrachadh.

Chan eil fada bho thill an Isle of Lewis bho dheas, far an robh deuchainnean gan dèanamh air na h-einnseanan aice.

San Òban tha an Lord of the Isles fhathast na tàmh fhads a thathar a' glanadh a' bhàta.

Chaidh a toirt a-mach à seirbheis às dèidh do bhìoras sgapadh am measg feadhainn den chriùbha.