Tagradh Sgitheanach ga thilgeil às

  • 10 An Giblean 2013
Caman
Image caption Cha do ghabh Comann na Camanachd a-muigh no a-mach ri tagradh bho na Sgitheanaich.

Tha Comann na Camanachd air tagradh bho Chamanachd an Eilein Sgitheanaich mu atharrachadh ann an structar na lìge a thilgeil a-mach.

Tha a h-uile coltas ann a-rèisd gun tèid an gnothach air adhart do coinneamh shònraichte EGM a tha na Sgitheanaich ag iarraidh.

Chuir na Sgitheanaich air adhart moladh nach bu chòir a dhol air adhart le planaichean a' chomainn son structar ùr.

Tha Comann na Camanachd an dùil am Prìomh Lìog a ghearradh bho 10 sgioba gu 8 agus lìog nàiseanta eile de 8 sgiobaidhean a chruthachadh.

Dh'iarr na Sgitheanaich gun rachadh gnothaichean fhàgail mar a tha iad is taic aca bho Bhail' Ùr an t-Slèibh, Ceann a' Ghiuthsaich is Caol Bhòid.

Ann am brath naidheachd ge-tà thuirt Comann na Camanachd nach tèid tagradh nan Sgitheanach air adhart gu Coinneamh Bhliadhnail a' Chomainn air an 26mh den mhìos.

Cumhachd

Thuirt iad gu bheil riaghailtean na buidhne a' toirt cumhachd dhan bhòrd-stiùiridh co-dhùnaidhean a dhèanamh mu structar nam farpais.

Thuirt iad cuideachd gun do rinn iad co-chomhairle fharsaing mu na planaichean aca is gun d' fhuair iad taic air an son aig coinneimh shònraichte san Dùbhlachd.

Mar sin, thuirt Comann na Camanachd nach biodh e iomchaidh tagradh nan Sgitheanach a chur air adhart chun AGM.

Tha draghan air cuid de dhaoine, thuirt iad, mu cho fada sa tha an seusan, na th' ann de darna sgiobaidhean anns na lìogaichean aig deas agus staid a' gheama a' chinn a deas san fharsaingeachd, is cho beag sa tha Lìog Tuath 1.

Deasbad

Thuirt iad gu bheil iad a' creidsinn gun dèilig an structar ri cuid mhath de na draghan a th' ann ach gheall iad gum biodh ùine air a chur ma seach às dèidh an AGM 'son gnothaichean a dheasbad.

Tha a h-uile coltas ann gum bi brath a' chomainn connspaideach dha-rìribh agus grunn sgiobaidhean air leigeil fhaicinn mar thà nach robh iad toilichte mu phlanaichean na buidhne.

Bha na Sgitheanaich air tagradh eile a chur air adhart a dh'iarradh EGM mura faigheadh iad cead na gearrainnean aca mu structur ùr nam farpais a thogail aig an AGM.

A rèir rùnaire Chamanachd an Eilein Sgitheanaich, Keith MacCoinnich, 's e sin a-nise an rud a nì iad.

Cha bhi e na thrioblaid dhaibh taic gu leòr fhaighinn 'son EGM a chur air adhart.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile