Às na Hearadh le Gaol

  • 10 An Giblean 2013
Ben Affleck
Bha an Clò Mòr air Ben Affleck ann an Argo.

Tha fear a bha na oifigear aig an CIA air cantainn gur e seacaidean Clò Hearaich an "èideadh" a bh' aig luchd-bràthaidh na buidhne ann an dùthchannan cèin.

Bha Tonaidh Mendez an sàs ann a bhith a' dèanamh cobhair air sianar Ameireaganach a bha air falach ann an Tehran an dèidh mar a chaidh ionnsaigh a thoirt air Ambasaid nan Stàitean ann an 1979.

Anns an fhiolm Argo, a tha stèidhichte air an iomairt chobhair, tha seacaid chlò air Ben Affleck a tha a' cluiche Mendez.

Cogadh Fuar

Agus ann an agallamh leis a' Ghuardian, thuirt Mendez gun robh fèill air a' Chlò Mhòr am measg luchd-brathaidh Ameireagaidh tron Chogadh Fhuar.

Bha e na aoigh aig diathad ann an New York a chur gnìomhachas a' Chlò Hearaich air dòigh.

Thuirt e: " B' e siud an t-èideadh againn, luchd-brathaidh an CIA a bha ag obair thall-thàiris.

Ivan

"Ma bha thu an sàs anns a' Bhlitz, bhiodh còta trainnse ort. Ma bha thu air tòir Ivan (an t-Aonadh Sòbhiatach agus a charaidean), bhiodh an Clò Mòr ort."

B' e na Stàitean Aonaichte agus Canada na margaidean bu mhotha a bh' aig gnìomhachas a' Chlò Mhòir airson còrr air 50 bliadhna.

Margaidean

Thàinig crìonadh air an sin anns na 1980an, agus 's e an-diugh Iapan agus a' Ghearmailt na dùthchannan as cudthromaiche dhan ghnìomhachas.

Ach, tha Clò Mòr Innse Gall, leis a bheil Muillean Shiaboist ann an Leòdhas, a' feuchainn ri adhartas a dhèanamh uair eile ann an Ameireagaidh a Tuath.