Dìon bho "chìs an t-seòmair-leapa"

Thug Comhairle na Gàidhealtachd gealltanas seachad nach tèid duine fhuadach às an dachannan 'son co-dhuibh bliadhna ri linn "cis an t-seòmair-leapa".

Tha an t-atharrachadh bho Riaghatas Westminster a' ciallachadh nach fhaigh daoine a th' ann an dachannan sòisealta uiread de shochairean ma tha e air a mheas gu bheil seòmraichean-leapa aca air nach eil iad feumach.

Bheir am poileasaidh buaidh air mu 2200 duine air Ghàidhealtachd, agus bhiodh aca ri còrr air £1m a bharrachd a phàigheadh.

Tha 86 coimhearsnachdan air Ghàidhealtachd far nach eil taighean-comhairle le dìreach aona seòmar-leapa ann.

Duilgheadas

Tha dùil gum bi duilgheadas aig daoine an t-airgead a bharrachd a phàigheadh no dachaigh shòisealta nas lugha fhaighinn bho nach eil mòran aca anns an sgìre.

Dh'aontaich comhairlichean Gàidhealach poileasaidh fiachan an ùghdarrais atharrachadh Diciadain gus dèanamh cinnteach nach tèid duine fhuadach 'son co-dhuibh bliadhna.

Dh'fhaodadh gun toir sin droch bhuaidh air a' chomhairle is cunnart gun èirich fiachan màl aig tuath.

Thug an comhairliche Alasdair Christie slaic air a' chìs ùr is e ag radh gu bheil i coltach ris a' Pholl Tax.

Thuirt e gun caill daoine an dachannan is gum bi bochdainn a bharrachd ann air a' cheann thall

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.