Buaireadh mu sheirbheisean adhair

  • 10 An Giblean 2013
Pleana
Image caption Chaidh seirbheisean adhair a chall air sgàth gearraidhean ann am buidseat CNES.

Chaidh teas às ùr anns an deasbad mu sheirbheisean adhair a ghearr Comhairle nan Eilean Siar (CNES).

Cho-dhùin a' chomhairle sa Ghearran an t-seirbheis eadar Beinn nam Faoghla is Steòrnabhagh a ghearradh bho chòig là gu trì agus chaidh an t-seirbheis eadar Beinn nam Faoghla is Barraigh a ghearradh builleach glan.

Thàinig air a' chomhairle gearraidhean de cha mhòr £5m a dhèanamh mar phàirt den bhuidseat aca 'son 2013/14.

A-nise tha Buidheann Malairt Innse Gall air a dhol an sàs is iad air iarraidh air CNES an dìcheall a dhèanamh gus seirbheis adhair còig là a stèidheachadh às ùr eadar Beinn nam Faoghla is Steòrnabhagh.

Draghan

Chuir riochdairean bhon bhuidhinn an draghan an cèill ann an coinneamh ri Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul.

"Mhìnich sinn dhan Chomhairliche Caimbeul gu bheil feum sòisealta agus eaconomach 'son seirbheis còig là", thuirt Co-òrdanaiche na buidhne malairte, Gail Robasdan.

"Dh'iarr sinn air a' chomhairle obrachadh còmhla ri buidhnean poblach eile gus fuasgladh a lorg dhan t-suidheachadh seo - chan eil e math gu leòr.

"Aig àm nuair a tha an eaconamaidh mì-chinnteach 's e lùghdachadh ann an seirbheisean còmhdhail an rud mu dheireadh a tha a dhìth oirrn", thuirt i.

Slaic

Thug a' bhuidheann cuideachd slaic air comhairlichean an SNP aig a' chomhairle is iad a' fàgail orra nach do rinn iad an dleasdanas gus na seirbheisean adhair a ghlèidheadh.

Thuirt a' bhuidheann mhalairt gun deach innse dhaibh aig a' choinneimh ri Aonghas Caimbeul, nach deach na comhairlichean nàiseantach an sàs ann an siostam a chleachd CNES gus measadh a dhèanamh air càite am bu chòir gearraidhean a bhith.

'S e bristeadh dùil mòr a th' ann dhuinn cluintinn gum biodh na seirbheisean seo air an glèidheadh nam biodh buill an SNP air pàirt a ghabhail san t-siostam mheasaidh aig a' chomhairle", thuirt fear eile de bhuill Buidheann Malairt Innse Gall, Tormod MacAsgaill.

"Cha do rinn iad an dleasdanas agus tha sinn ag iarraidh orra obrachadh ris a h-uile duine gus na ceanglaichean adhair againn a thilleadh", thuirt e.

Às àicheadh

Chaidh ceannard buidheann an SNP, Dòmhnall Manford, às àicheadh gun gur e na comhairlichean nàiseantach idir a bu choireach 'son mar a chaidh na seirbheisean a chall.

"Chan eil mi a' tuigsinn dè tha iad a' ciallachadh", thuirt e.

"Tha iad ag ràdh gun deach seo innse dhaibh agus 's e cùis mòr draghail a tha sin oir chan eil e fìor.

"Bha sinn ann. 'S ann a chuir sinn a-staigh buidseat eadar-dhealaichte nach robh iad deònach a ghabhail.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e gu math follaiseach nach urrainn do dhuine a dhol às àicheadh ann an dubh agus geal air an 14mh den Ghearran gun do bhòt mise agus an còrr againn (air buidheann an SNP) airson na seirbheisean a ruith, agus chomharraich sinn càite am faigheamaid an t-airgead air a shon.

"Ma tha Aonghas Caimbeul - mar a tha mise - 'son na seirbheisean a shàbhaladh, carson nach tachair sin agus nach dèan sinn e ma thà?", thuirt e.

Barraigh

Nochd draghan ùra cuideachd mun cho-dhùnadh gus an t-seirbheis eadar Barraigh is Beinn nam Faoghla a ghearradh.

Tha dragh air euslaintich agus luchd-obrach slàinte ann am Barraigh gu bheil na gearraidhean a' ciallachadh nach fhaigh fuil chun an eilein luath gu leòr airson a bhith èifeachdach.

Thuirt BP nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, gun do chuir euslainteach aillse ann am Barraigh fios air is iomagain oirre mun t-suidheachadh.

"Tha fios agam nach robh a' chomhairle airson is gun tachradh seo agus gu dearbh nach do bheachdaich iad fiùs air.

"Sin an suidheachadh a th' againn - chaidh an co-dhùnadh seo a dhèanamh ann an cabhag", thuirt e.

Seirbheis

Dh'iarr Mgr MacNìll gun tèid seirbheis adhair còig là a stèidheachadh a-rithist eadar Beinn nam Faoghla is Steòrnabhagh le dà sheirbheis san là.

Dh'iarr e cuideachd an ceangal eadar Barraigh is Beinn nam Faoghla a stèidheachadh às ùr.

San eadar-ama gheall e coimhead ri seirbheis fala a chur air dòigh eadar Barraigh is Glaschu.

Dh'aidich Bòrd Slàinte nan Eilean Siar nach bi an t-seirbheis giùlan fala cho sgiobalta 'sa b' àbhaist, ach thuirt iad nach toir sin buaidh air an fhuil fhèin agus gu bheil cùisean sàbhailte gu lèor.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile