Obraichean air falbh aig HI-Arts

  • 8 An Giblean 2013
HI-Arts Image copyright HI-Arts
Image caption Chaidh HI-Arts a stèidheachadh ann an 1990.

Dh'innis a' bhuidheann ealain HI-Arts gu bheil iad a' cur a-h-uile duine a tha ag obair dhaibh às an dreuchdan.

Tha deichnear - eadar luchd-obrach pàirt-ùine agus làn-uine - a' faighinn cosnadh aig a' bhuidhinn, a bhios a' brosnachadh nan ealan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

'S ann an Inbhir Nis a tha sianar den luchd-obrach stèidhichte agus ceathrar eile ann an Cnòideart, Earra-Ghàidheal, Leòdhas is Obar Dheathain.

Thuirt Hi-Arts gu bheil iad an dòchas gun tèid cuid den luchd-obrach a ghluasad gu buidhnean is pròiseictean eile.

Chaidh a' bhuidheann a stèidheachadh ann an 1990 is thàinig taic-airgid bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Alba Chruthachail.

Thuirt HI-Arts gu bheil atharrachaidhean aig na buidhnean sin a' ciallachadh nach urrainn dhaibh taic a thoirt seachad mar a bha às dèidh an Òg-Mhìos 2013.

Thuirt bòrd-stiùiridh HI-Arts gun cleachd iad an taic a gheibh iad thuige sin 'son cruth na buidhne atharrachadh ro dheireadh an Òg-Mhìos.

Chan eil e follaiseach an-dràsta dè bhios an dàn dhan bhuidhinn às dèidh sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile