Iarratas son stad a chur air lasadh fhalaisgearan

  • 4 An Giblean 2013
Falaisgear
Image caption Tha na ceudan theintean air a bhith dol fad còrr is seachdain

Tha ceannardan smàlaidh air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh air daoine gun a bhith a' lasadh fhalaisgearan.

Tha an t-seirbheis smàlaidh air a bhith fad na seachdain a strì ri teintean mòinteach, agus tha àrd oifigearan a' toirt rabhadh gu bheil an luchd-smàlaidh cha mhòr a toirt tharais.

Bha sgiobanan smàlaidh bho air feadh na Gàidhealtachd am muigh an raoir a rithist 's iad a feuchain ri smachd a chumail air falaisgearan, no a' deanamh cinnteach nach tòisich teinntean as ùr.

Cùis-lagh

Tha criubhaichean a Chinn a Tuath air deiligeadh ri faisg air dà cheud tachartas bho thoiseach na seachdain, agus thuirt fear do mhanaidsearan, seirbheis smàlaidh na h-Alba, Friseal MacNeacail, nach b'urrain dhaibh cumail suas riutha 's iad feumach air beagan fois.

Thathas a' rabhadh do dhaoine a tha cur falaisgearan gu faodar cùis-lagh a thogail nan aghaidh.

Tha e foilleasach, a-reir na seirbheis nach eil e freagarach a bhith lasadh theintean an dràsta leis an t-sìde thioram agus dh'iarr iad air uachdairean stad a chur air luchd-obrach a bhith a' deanamh falaisgearan.

Tha teine mòr aig Achmòr faisg air an t-Sròim ann a Siorrachd Rois fhathast a' dol, 's bha iomagain ann an-raoir gun tèideadh taighean na theine.