Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

SSE

Chaidh càin de £10.5m air SSE 'son a bhith a' gabhail brath air daoine a bha a' ceannach gas agus dealain bhuapa. Seo a' chàin as motha a-riamh air companaidh chumhachd. Thuirt riaghladair a' ghnìomhachais, OFGEM, gun robh rudan ceàrr aig a h-uile ìre de phròiseas reic SSE, a tha a' cleachdadh an ainm Scottish Hydro. Dh'iarr ceannardan SSE air luchd-cleachdaidh an leisgeul a ghabhail agus thuirt iad gu bheil iad a' dèanamh cinnteach nach tachair an leithid tuilleadh.

RBS

Tha na mìlltean dhaoine a' togail cùise an aghaidh Banca Rìoghail na h-Alba mun dòigh 'san do thog am banca airgead le a bhith reic earrainean goirid mus deach e fodha ann an 2008. Tha iad cuideachd ag iarraidh airgid-dìolaidh air Fred Goodwin, a bha na cheannard air RBS. Tha daoine a cheannaich earrainean aig an àm ag ràdh gun tug RBS a' chreidsinn orra gu robh am banca ann an suidheachadh falainn. Boinidh còrr 's 80% den bhanca dhan stait, a rinn cobhair air RBS le airgead luchd-pàighidh na cìse.

Philpott

Thèid binn aig Cùirt a' Chrùin ann an Nottingham an-diugh air a chàraid a mharbh an sianar cloinne ann an teine aig taigh ann an Derby an-uiridh. Chaidh dìteadh air Mick agus Mairead Philpott agus caraid dhaibh, Pòl Mosley, an-dè.

Teine

B'fheudar do chòrr 's 50 duine teicheadh à osdail ann an sgìre Eastgate ann an Inbhir Nis nuair a chaidh an togalach na theine mu 5.00 sa mhadainn. Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gu bheil a h-uile duine sàbhailte agus an teine fo smachd aca.

Teintean eile

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' feuchainn ri dà fhalaisgear a chur às air Taobh Siar Rois. Tha aon teine air taobh a tuath Loch Carrain aig Ciseoirn agus an teine eile air taobh a deas an loch eadar an t-Achadh Mòr agus Port an t-Sròim.

Taigh-staile

Tha coltas ann gun tèid taigh-staile ùr do mhac na braiche a thogail air Taobh Sear Rois. Tha Diageo, a' chompanaidh staile as motha ann an Alba, air làrach faisg air Alanais a thaghadh air thoiseach air dhà eile air an robh iad a' coimhead ann an Srath Spè.

Caisteal

Dh'innis Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, is e air chuairt ann an Steòrnabhagh an-diugh, gu bheil an stòras Eòrpach, ERDF, a' cur an £1.8m mu dheireadh a tha a dhìth ri leasachadh Caisteal Leòdhais mar thaigh-tasgaidh. Tha £14m uile gu lèir ga chosg a' càradh agus a' leasachadh an togalaich, a tha air a bhith dùinte fad còig bliadhna fichead.