Taigh-staile ùr do dh'Alanais

  • 3 An Giblean 2013
Taigh-staile Diageo Image copyright Diageo
Image caption Feumar fhathast cead-dealbhachaidh son a' phròiseict

Tha a' chompanaidh dibhe Diageo an dòchas taigh-staile ùr fhosgladh air Taobh Sear Rois.

Rinn an làrach ann an Alanais a chùis air dhà eile ann an Taobh Spè a bha cuideachd air geàrr-liosta na companaidh.

Ma gheibh an taigh-staile ùr cead-dealbhachaidh, thèid a thogail ri taobh an fhir a th'ann an dràsta aig Teaninich.

Chosgadh e £50m a thogail agus bhiodh e comasach 45 millean botal uisge-beatha fhaighinn às gach bliadhna.

Dh'ainmich a' bhuidheann, a tha a' deànamh barrachd uisge-beatha na companaidh sam bith eile, cuideachd planaichean son a' ghniomhachas a leudachadh ann am Moireibh.

Thèid Taigh-Staile Mortlach ann an Dufftown a leudachadh agus bioplant a steidheachadh aig Glendullan.

Cosgaidh Diageo £1bn thairis air còig bliadhna agus an t-iarrtas son uisge-beatha na h-Alba fhathast làidir ann am margaidhean Aimeireaga a deas, Aisia agus Afraga.