Taic-airgid do Chaisteal Leòdhais

Caisteal Leòdhais Tha an Caisteal gu bhith na thaigh-tasgaidh

Tha Riaghaltas na h-Alba air a' chuibhreann mu dheireadh den airgid a tha a dhith son leasachadh Chaisteal Leòdhais ainmeachadh Diciadain.

Air chuairt sna h-Eileanan an Iar, dhearbh Rùnaire Ionmhais na h-Alba Iain Swinney gun tèid £1.8m bho Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa a chur ris a' phròiseict.

Thèid mu £14m uile gu lèir a chosg a' leaschadh agus a' sgeadachadh an togallaich a th'air a dhol à feum anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Tha Caisteal Leòdhais, a bhuinneadh dhan fhir-malairt opium Sir Seumas MacMhathain, air a bhith dùinte fad cha mhòr 25 bliadhna.

Tha planaichean ann a-nis taigh-tasgaidh, a bhios a' cleachdadh na Gàidhlig mar chiad chànan, a dhèanamh às.

Nuair a bhios an taigh-tasgaidh deiseil, tha dòchas gum bi sianar de dh'fhir tàileisg Leòdhais ri fhaicinn ann.

Bidh goireasan ann cuideachd do eòlaichean-academaigeach agus luchd-rannsachaidh sinnsireachd a bharrachd air do sgoiltean ionadail.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.