Òsdail na smàl ann an Inbhir Nis

  • 3 An Giblean 2013
Inneal-smàlaidh
Chaidh an òsdail na theine aig 05:00

Chaidh còrr is lethcheud neach fhuadach à Osdail luchd-siubhail an dèidh dha a dhol na theine ann an uairean beaga na maidne Diciadain.

Thuirt Poilis na h-Alba gun tàinig gairm èiginn goirid às dèidh 0500 gu òsdail Eastgate Backpackers ann am meadhan a' bhaile.

Dhùisg moran dhen luchd-fuirich ri linn na glagan-rabhaidh agus bha aca ri teich nan aodach oidhche.

Chaidh lorg fhaighinn air a h-uile duine a bha a' fuireach san òsdail agus chaidh an toirt gu Ionad Coimhearsnachd.

Tha luchd-smàlaidh a-nis air smachd fhaighinn air an teine agus tha iad a' cumail sùil air an togallach gun fhios nach toisich e a-rithist.