Iomairt airson fear-naidheachd ga lùghdachadh

  • 2 An Giblean 2013
Clive Dennier Image copyright Northern Constabulary
Image caption Chaidh Mgr Dennier fhaicinn mu dheireadh air 23mh am Màrt.

Tha iomairt sgrùdaidh airson am fear-naidheachd Clive Dennier, a th air a bhith a dhìth còrr is seachdain, ga lùghdachadh.

Dhearbh Poilis na h-Alba gun deach sgiobannan Mhaor-Cladaich, agus Feachd an Adhair a th' air a bhith a' cleachdadh heileacoptairean gus a lorg, a thoirt far na h-iomairt.

Cumaidh poilis le coin, agus an t-seirbheis faire shaor-thoileach Skywatch, orra a' coimhead ge-tà.

Chaidh Mgr Dennier, a tha 50, fhaicinn mu dheireadh air 23mh là den Mhàirt, ach chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach Diluain nuair nach do nochd e aig obair aig a' phàipear-naidheachd Herald Shrath Spè agus Bhàideanaich.

Chaidh an càr aige a lorg ann an Ceann Loch Iuthairne, ann an ceann a tuath Chnòideirt, Dihaoine seo chaidh.

Chaidh bràthair-chèile Mhgr Dennier còmhla ri sgiobannan teasairginn feuch lorg fhaighinn air anns an sgìre sin, ach cha robh sgeul air.