Urras Ceann a Tuath na Hearadh dòchasach mu Scalpaigh

  • 2 An Giblean 2013
Drochaid Scalpaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Thabhainn uachdaran Scalpaigh an t-eilean air na daoine an asgaidh.

Tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh an dòchas gun tig Eilean Scalpaigh a-steach còmhla riutha gu h-oifigeil anns na dhà no trì mhìosan a tha ri thighinn.

Dh'aontaich na Scalpaich roimhe gun robh iad airson a bhith mar phàirt den bhuidhinn.

Tha an leudachadh a' tighinn is Urras Ceann a Tuath na Hearadh a' comharrachadh deich bliadhna bho fhuair iad am fearann.

"Tha muinntir Scalpaigh air aontachadh tighinn a-steach agus a bhith nam pàirt de dh'Oighreachd Cheann a Tuath na Hearadh," thuirt Cathraiche an Urrasi, Calum MacAoidh.

"Tha sinn cuideachd a' bruidhinn ri Iomairt na Gàidhealtachd mu dheidhinn taic-airgid fhaighinn bhon bidh barrachd obrach ann, gu h-àraid aig an fhìor-thoiseach.

"Mar sin feumaidh sinn feuchainn ri taic-airgid fhaighinn airson luchd-obrach, no aon duine co-dhiù, fhastadh a bharrachd airson obrachadh le muinntir Scalpaigh.

"Agus bidh sinn a' coimhead cuideachd air adhart airson taic-airgid fhaighinn 's dòcha airson cuid de na pròiseactan sònraichte a chaidh ainmeachadh nuair a bha iad a' rannsachadh na cùisea a thoirt air adhart cuideachd.

"Tha sinn an dòchas, gu h-oifigeil, gun tig iad a-steach an lùib Cheann a Tuath na Hearadh anns na dhà no trì mhìosan a th' air thoiseach oirnn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile