Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Feachd-Poilis Nàiseanta is Feachd-Smàlaidh Nàiseanta

'S e aon fheachd-poilis nàiseanta a th' ann an Alba, agus na h-ochd feachdan a bh' ann a' dol còmhla mar aon bhuidhinn nàiseanta aig meadhan oidhche. Chaidh an t-atharrachadh a dhealbh airson airgead a shàbhaladh, agus airson èifeachd na seirbheis, ged a tha dragh air feadhainn gur ann nas miosa a thèid an t-seirbheis fon structar ùr.

Agus tha ochd feachdan-smàlaidh roinneil na h-Alba còmhla cuideachd a-niste mar aon bhuidhinn. Tha Feachd-Smàlaidh agus Teasairginn ùr na h-Alba air tè cho mòr 's a tha san Roinn Eòrpa.

Sochairean

Chuir an Seansalair Seòras Osborne, agus Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinseanan Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, dìon air an atharrachadh ann an siostam na cìse agus sochairean a thàinig gu bith an-diugh. Thuirt iad ann an aithris anns an Daily Telegraph gu bheil iad a' cur an taic ri daoine a tha a' cosnadh, agus a' tilleadh chun nam prionnsabalan air an deach siostam nan sochairean stàite a stèidheachadh sa chiad àite.

Siostam an Ionmhais

Tha riaghladh shiostam an ionmhais ag atharrachadh an-diugh cuideachd, agus ùghdarras sheirbheisean an ionmhais a' dol à bith, agus dà bhuidhinn a-niste a' cumail sùil air na bancaichean. Thèid an obair a roinn eadar Ùghdarras Modh an Ionmhais, agus Ùghdarras Riaghlaidh Prudential, pàirt de Bhanca Shasainn.

Sàbhailteachd Gnìomhachas na h-Ola

Tha an t-aonadh RMT a' gearain air planaichean Buidheann na Slàinte 's Sàbhailteachd airson atharrachadh air an dòigh sa bheil iad a' dèiligeadh ri gnìomhachas na h-ola. Tha HSE am beachd aon bhuidhinn ùr a stèidheachadh airson gnìomhachas a' chumhachd air fad, ged a mhol am Morair Cullen, na aithisg an dèidh tubaist Piper Alpha ann an 1988, gum biodh aon bhuidhinn os cionn sàbhailteachd ann an gnìomhachas na h-ola aig muir. Tha HSE ag ràdh gum bi sin fhathast ann fon bhuidhinn ùir, agus gum bi iad a' bruidhinn ris a' ghnìomhachas agus ris na h-aonaidhean mun chùis.

Dàibhear air Bàsachadh

Chaochaill duine a bha 44 ann an Ospadal nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh an dèidh tubaiste agus e a' dàibheadh ann am Bòstadh ann am Beàrnaraigh Leòdhais. Thug heileacoptair nam Maor-cladaich an duine dhan ospadal feasgar an-dè, ach chaochaill e goirid an dèidh sin.

Clive Dennier

Tha sgiobannan teasairginn a-muigh an-diugh a-rithist a' coimhead airson fear-naidheachd às Inbhir Nis, Clive Dennier, a tha 50 bliadhna de dh'aois, agus air nach fhacas sgeul bho thoiseach na seachdain seo chaidh. Chaidh an càr aige fhaighinn ann an Ceann Loch Iuthairne ann an ceann a tuath Chnòideirt. Bha sgiobannan teasairginn, poilis le coin, agus heileacoptair Feachd an Adhair air a bhith an sàs anns an iomairt fad an deireadh-sheachdain.