Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Croitearachd

Feumaidh trì fichead croitear a th' air na croitean aca a cheannach feitheamh air reachdas ùr mus faigh iad cead talamh a thoirt a-mach à croitearachd. Dhearbh Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, gu bheil reachdas ùr a dhìth airson trioblaid le Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd a tha a' cur casg air dì-chroitearachd den t-seòrsa sin an-dràsta, a chur ceart.

Creideas Coitcheann

Chaidh Roinn na h-Obrach 's nam Peinseanan às àicheadh gu bheil an sgeama a tha ag amas air sochairean uile a phàigheadh ann an aon chnap mhìosail - ris an can iad Creideas Coitcheann - an ìmpis tuiteam às a chèile. Chaidh deuchainnean den sgeama ann an trì sgìrean ann an iar-thuath Shasainn, a chur dheth bhon ath-mhìos, chun an Iuchair. Tha sin a' fàgail nach bi ach aon sgeama pìolat a' dol air adhart. Tha an Riaghaltas ag ràdh gun tèid an sgeama a leudachadh air feadh na dùthcha, mar a bha dùil, san Damhair.

Tubaist

Tha fear-puist ann am Beinn nam Fadhla air bàsachadh às dèidh mar a bhuail am bhana aige fhèin ann. Thachair an tubaist air Ford Terrace. Chaidh carbad-eiridinn, na Poilis agus Luchd-Smàlaidh chun na làraich, madainn an-dè. Tha rannsachadh a' dol air na thachair. Chaidh ainmeachadh gu h-ionadail mar Ronnie Moireasdan.

Geòidh

Tha croitearan Uibhist an dùil ath-chuinge a chur gu Pàrlamaid na h-Alba, agus dragh mòr orra fhathast mu na tha de gheòidh san sgìre. Chaidh am beachd a thogail aig coineimh de Chaidreachas Croitearachd na h-Alba an-raoir ann an Talla Chàirinis. Thathas a' tomhas gu bheil mu dheich mìle gèadh ann an Uibhist aig an ìre seo, agus iad a' dèanamh milleadh mòr air obair fearainn.

Cinn Tìre

Tha an dealan a-nis air ais aig a h-uile coimhearsnachd ann an Cinn Tìre, a th' air a bhith às aonais o chionn seachdain. Dh'fhalbh an dealan ri linn stoirme mhòir shneachda Dihaoine seo chaidh, a rinn cron air càbalan. Tha luchd-einnsiniridh air cruthadairean-dealain a chur an sàs, fhad 's a leanas obair-càraidh. Thuirt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gur dòcha gu bheil na h-uidhir de dhachannan iomallach, a tha leotha fhèin, aig nach eil dealan fhathast ge-tà. Thuirt iad gum bu chòir do dhuine sam bith san t-suidheachadh sin fios a chur air Scottish and Southern Energy.