Bile Croitearachd ùr air an t-slighe

  • 29 Am Màrt 2013
Croit
Image caption Chaidh Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd a chur an-sàs ann an 2010.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun tèid bile croitearachd ùr a chur tron phàrlamaid gus dèiligeadh ri uireasbhaidhean ann an Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd.

Dh'aidich Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, gu bheil bile ùr a dhìth às dèidh mar a chaidh casg a chur air daoine a th' air an croitean a cheannach bho bhith a' toirt talamh a-mach à croitearachd.

Thuirt Coimisean na Croitearachd cheana gun tàinig orra casg a chur an sàs air sgàth draghan mun achd a th' ann, far a bheil coltas gu bheil am briathrachas a' ciallachadh nach gabh talamh air croit a chaidh a cheannach leis a' chroitear a thoirt a-mach à croitearachd.

A' bruidhinn ann am Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin thuirt Mgr Wheelhouse gur e bìle ùr an aon doigh air an t-suidheachadh a leasachadh.

"Ceumanan"

"Tha e air tighinn am bàrr gu bheil uireasbhaidhean ann a thaobh Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd agus tha an Riaghaltas, còmhla ri Coimisean na Croitearachd, air ceumanan a ghabhail gus gnothaichean a rèiteach cho luath sa ghabhas", thuirt e.

"Cuiridh sinn bile ùr air adhart cho luath agus as urrainn dhuinn às dèidh àm na Càisge agus tha mi an dòchas gu bheil e na chomhfhurtachd do chroitearan gu bheil fuasgladh air an t-slighe", thuirt e.

Dh'aidich Mgr Wheelhouse cuideachd gu bheil an gnothach a' fàgail cha mhòr 60 croitear ann an suidheachadh mì-chinnteach, gun fhios am faigh iad cead 'son tagraidhean gus talamh a thoirt a-mach à croitearachd.

Mathanas

Thuirt tè-labhairt nan Làbarach air gnothaichean na h-Àrainneachd, Claire Baker, gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba mathanas iarraidh bho chroitearan.

"Chan e seo a' chiad uair san teirm seo a thàinig air an Riaghaltas a dhol air ais air co-dhùnadh a thaobh croitearachd agus chan eil e math gu leòr", thuirt i.

Dh'iarr na Làbaraich cuideachd gun innseadh Mgr Wheelhouse cuine dìreach a bhiodh reachdas ùr a' nochdadh, is dh'fhaighnich iad an robh dòigh ann dèiligeadh ri tagradh nan croitearan san eadar-ama.

Thuirt am ministear ge-tà gun d' fhuair an Riaghaltas comhairle nach gabh tagraidhean a chur troimhe idir fon achd mar a tha e, is nach urrainn dad tachairt gus am bi reachdas ùr ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile