Falaisgearan mòra air Ghàidhealtachd

  • 28 Am Màrt 2013
Falaisgear Image copyright (C) British Broadcasting Corporation
Image caption Bha falaisgearan ann an Leòdhas cuideachd.

Chuir sgiobannan smàlaidh smachd air falaisgearan mòra air taobh siar Tìr Mòr na Gàidhealtachd, agus anns na h-Eileanan.

Bha an teine as motha ann an Sròin an t-Sìthein air Tìr Mòr, ach bha dragh ann cuideachd mu fhalaisgearean san Eilean Sgitheanach, Leòdhas agus cuideachd ann an Gleann Eilge.

Thàinig am falaisgear ann an Gleann Eilge faisg air na taighean ann am meadhan a' bhaile tron oidhche.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Seumas Dòmhnallach a' bruidhinn ri Mairead Chamshron air Aithris na Maidne.

"Bha teine mòr mòr ann Diciadain agus an là ron a shin", thuirt Mairead Chamshron, a tha a' fuireach ann an Gleann Eilge , agus a bha a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

"Bha a h-uile duine a-muigh tron oidhche a' togail dhealbhan 's a' ghealach dearg leis an teine.

"Bha e brèagha, ach bha e feagallach.

"Feasagar an-dè, mu 4:00f, bha e gu math faisg air a' bhàthaich againne, 's i làn feòir.

"Ach chaidh sin a chur às, agus shioft a' ghaoth. Ach an-raoir, mu 9:00f, thàinig e sìos air ais.

"Bha iad a-bhos às a' Chaol, 's às an Ath Leathann 's à Loch Carrann.

"Bha còrr air fichead duine ag obair gu math cruaidh a' feuchainn ris an teine a chumail.

"Ach an uair sin chaidh e suas Sgalasaig, 's shuas mu na Brochs. Chaidh sin a losgadh gu lèir shuas ann an sin," thuirt i.