Diùc Dhùn Èideann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Diùc Dhùn Èideann a' fosgladh taigh-tasgaidh

27 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhosgail Diùc Dhùn Èideann taigh-tasgaidh Dhùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis as ur Dimàirt, às dèidh obair leasachaidh a mhair faisg air dà bhliadhna.

Tha an taigh-tasgaidh a' mìneachadh eachdraidh nan rèisimeidean Gàidhealach, agus cuideachd na buaidhe a bh' aig na Gàidheil air na feachdan armaichte.

Chosg an ath-leasachadh faisg £3m, agus tha dòchas ann gum brosnaich seo barrachd dhaoine gus a bhith a' tadhail air gach bliadhna.

Tha Calum MacIlleathain ag aithris.