Na ceudan fhathast gun dealan

  • 27 Am Màrt 2013
Crann dealain air a mhilleadh
Image caption Chaidh 8 cruinn dhealain a mhilleadh uile gu leìr.

Thuirt a' chompanaidh chumhachd Scottish and Southern Energy gu bheil iad an dòchas dealan fhaighinn air ais gu a' chuid as motha de dhachaighean ro 6f oidhche Chiadain.

Bidh mu 450 dachaigh ann an Eilean Arainn agus Cinn Tìre fhathast às aonais, ge-ta.

Tha a' chompanaidh an dòchas dealan, bho stòras eadar-amail, fhaighinn gu na sgìrean ro oidhche Dhiardaoin.

Aig àm na stoirm, aig deireadh na seachdainn, bha còrr is 20,000 dachaigh ann an Alba gun chumhachd.

Sgeama Bellwin

Chaidh ochd cruinn dhealain a mhilleadh le deigh agus sneachd oidhche Haoine, trì dhiu gu dona.

Thuirt neach-labhairt bho SSE gu bheil an aimsir fhathast a' toirt dùbhlan dhaibh.

Dh'fhosgail Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, Sgeama Bellwin, a bheir taic-ionmhais a bharrachd do dh'ùghdarrasan ionadail ann an sgìrean far an robh an stoirm.

Bidh na sgoiltean ann an Eilean Arainn dùinte son a' chòrr dhen t-seachdainn.

Dh'iarr Comhairle Siorrachd Adhair a Tuath agus NHS Siorrachd Adhair agus Arainn air a' choimhearsnachd innse dhaibh ma bha iad dhen bheachd gu bheil daoine ann a tha a' cur feum air cuideachadh a bharrachd.

Stoc a dhìth

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu robh oidhirpean a' dol tuathannaich ann an Eilean Arainn agus Cinn Tìre a chuideachadh lorg fhaighinn air an cuid stuic a tha glaicte san t-sneachda.

Chuir iad buidheann-ghnìomh àiteachais air dòigh anns a bheil grunn bhuidhnean sa ghnìomhachas an sàs.

Tha iad-san a' co-òrdannachadh iomairtean teasairginn agus a' toirt taic do thuathannaich aig a bheil beathaichean a-muigh.

Tha carbadan sònraichte gan toirt dhan sgìre son lorg fhaighinn air beathaichean.

Tha a' bhuidheann cuideachd ag obair còmhla ri SSE agus a' cleachdadh na heileacpotairean aca son biadh fhaighinn gu stoc ma tha sin a dhìth, am measg eile.

Cosgaisean

Gheall Rùnaire nan Gnòthaichean Dùthchail, Richard Lochhead, aire a thoirt do thagraichean son taic ionmhais co-cheangailte ri togalaichean air a mhilleadh, cosgaisean gus dèiligeadh ri beathaichean a bhàsaich agus gnothaichean eile a tha air a bhith na dhuilgheadas sa sgìre.

Ma tha tuathannaich ann an Eilean Arainn a' sireadh cuideachaidh bu chòir dhaibh fònadh gu oifis an riaghaltais ann an Inbhir Adhair air 01292 291 300.

Chaidh moladh do thuathannaich ann an Cinn Tìre fònaidh chun na h-oifis san Oban air 0300 244 9340

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile