Ìmpidh Ofcom mu bhocsaichean-puist

  • 27 Am Màrt 2013

Tha riaghladair a' chonaltraidh, Ofcom, a' cur ìmpidh air a' Phost Rìoghail dèanamh cinnteach gun tèid bocsaichean litrichean a chumail ann an sgìrean dùthchail.

Tha Ofcom ag amas gum bi bocsa-puist an taobh a staigh leth-mhìle de 98% de na dachannan agus ionadan-malairt ann am Breatainn.

Tha Ofcom cuideachd ag iarraidh gum bi seirbheis ann sia là san t-seachdain.

Ach tha cuid den bheachd nach gabh na h-amasan sin coileanadh ann an sgìrean far a bheil dachannan dhaoine sgapte.