Dragh mu ghlainead uisge-snàimh

  • 27 Am Màrt 2013
Clann sa mhuir
Image caption Dh'fhaodadh cuid de thràighean-snàimh na h-Alba dùnadh mur am fàs iad nas glaine.

Tha uisge fìor ghlan aig nas lugha na an dàrna cuid de na tràighean-snàimh ann an Alba, a rèir rannsachaidh.

Thuirt Comann Glèidhteachais na Mara gun deach barrachd bacteria is bhìorasan dhan mhuir an-uiridh ri linn 's gun robh uisge trom againn.

Tha 109 tràighean-snàimh ann an Alba, agus tha an MCS ag ràdh nach eil a' mhuir fìor ghlan ach aig 42 dhiubh.

Tha a' bhuidheann ag aideachadh nach eil deuchainnean gan dèanamh aig tòrr de na tràighean as iomallaiche san dùthaich, agus mar sin nach eil fhios aca dè cho glan 's a tha a' mhuir mu thimcheall chosta na h-Alba gu lèir.

Ach, le inbhean glainneid ùra a' tighinn a-steach ann an 2015, tha a' bhuidheann charthannais ag ràdh gum faodadh cuid de thràighean a bhith air an dùnadh do shnàmhadairean mur am fàs iad nas glaine.

Tha a' bhuidheann ag iarraidh gun tèid oidhirp nas motha a dhèanamh airson stad a chur air truailleadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile