Ionnsaigh ann an Inbhir Narrann

  • 27 Am Màrt 2013

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh, às dèidh mar a chaidh fireannach a leòn ann an ionnsaigh gun rabhadh sam bith, 's e a' tighinnn far treàna ann an Inbhir Narrann.

Chaidh an duine, a tha 40, a bhualadh le fireannach eile 's thuit e, a' bualadh a chinn.

Thachair an ionnsaigh aig 7:15f oidhche Shathairne, an 16mh là den Mhàrt.

Tha Poilis Còmhdhail Bhreatainn airson cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair 's tha iad cuideachd air a bhith a' deànamh sgrùdaidh air dealbhan CCTV.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile