Cùmhnant ùr heileacoptairean teasairginn

  • 26 Am Màrt 2013

Tha a' chompanaidh Bristow, a tha stèidhichte ann an Texas, a' gabhail thairis seirbheis heileacoptair teasairginn Bhreatainn air fad.

Dhearbh an Riaghaltas an-diugh gu bheil Bristow a' gabhail na seirbheis bho Fheachd an Adhair 's bhon Chabhlach Rìoghail ann an 2015, le cùmhnant gu 2026.

Chaidh innse nas tràithe am bliadhna gu bheil Bristow a' tòiseachadh air an t-Samhradh seo fhèin air an t-seirbheis a tha an-dràsta aig na Maoir-Chladaich san iar-thuath, stèidhichte ann an Steòrnabhagh, agus anns an fhìor cheann a tuath, stèidhichte ann an Sealtainn.