Cathraiche air Bòrd na Gàidhlig o chionn mìos

  • 26 Am Màrt 2013
Iain Caimbeul Image copyright Bòrd na Gàidhlig
Image caption Tha Mgr Caimbeul air a bhith na Iar-chathraiche air a' Bhòrd o chionn ghreis.

Chaidh Iain Caimbeul ainmeachadh mar chathraiche ùr Bhòrd na Gàidhlig.

Buinnidh Mgr Caimbeul do dh'Uibhist a Deas bho thùs, 's tha e an-dràsta na àrd-mhanaidsear air a' phròiseact rannsachaidh oilthigh Soillse.

Tha am Bòrd às aonais cathraiche mhaireannaich bho leig Art MacCarmaig dheth a dhreuchd bho chionn còrr air bliadhna.

Ach tha ceistean gan cur carson 's ann an-dràsta a tha an naidheachd ga foillseachadh, oir tha e air tighinn am follais gu bheil Mgr Caimbeul air a bhith anns an dreuchd bho thoiseach na mìos.

Dùbhlain

Tha an dreuchd air a maoineachadh le airgead phoblach.

Tha Betty Nic an t-Saoir à Barraigh air a bhith ag obair mar chathraiche eadar-amail air a' Bhòrd bho leig Art MacCarmaig dheth a dhreuchd, gus an deadh cathraiche maireannach a lorg.

Tha Mgr Caimbeul na eòlaiche gnothachais, a bha iomadach bliadhna a' ruith companaidh comhairleachaidh gnìomhachais dha fhèin air an robh Hecla Consulting, a bha stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Tha e cuideachd air a bhith na Iar-Chathraiche air Bòrd na Gàidhlig o chionn ghreis.

"Tha sinn ann an àm gu math inntinneach ann an Alba, agus tha am Bòrd air tòrr adhartais a dhèanamh dìreach anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, 's tha mise gu math toilichte an dreuchd seo a ghabhail agus cur ris an dìleab a tha sin," thuirt Mgr Caimbeul.

Thuirt Mgr Caimbeul cuideachd nach robh an dàil a bh' ann am foillseachadh na naidheachd do na meadhanan na dhragh dha.

"Cha chreid mi gu bheil. Ach tuigidh tu gu bheil, tha mi a' creidsinn, siostaman taobh a-staigh an Riaghaltais caran slaodach, agus gun tàinig an naidheachd a-mach dh'fhaoidte mun d'fhuair iad cothrom gnothaichean a chur ri chèile.

"Ach sin mar a tha, agus tha mise gu math toilichte a bhith anns an dreuchd, 's tha tòrr obrach romhainn ri dhèanamh, agus sin agad far a bheil am fìor fhòcas agamsa, chan e cuin a thàinig fios-naidheachd a-mach," thuirt e.

Tha Mgr Caimbeul ag amas air dèiligeadh ris na prìomh dhùbhlain a tha ron Ghàidhlig, gu h-àraid a thaobh a bhith a' cur an gnìomh Plana Nàiseanta na Gàidhlig.

"Mar a thuigeas tu ann an Saoghal na Gàidhlig tha an còmhnaidh dùbhlan ann an dòigh air choireigin," thuirt e.

"Ach feumaidh sinn am Plana Nàiseanta a tha seo a chur an gnìomh, agus dèanamh cinnteach gu bheil na h-amasan air an lìbhrigeadh ann an dòigh èifeachdaich agus gum faigh sinn làn-bhuaidh air a' Ghàidhlig eadar seo agus 2017.

"Ach tha mi cinnteach gur e an dùbhlan as motha a th' againn, a bhith a' dèanamh cinnteach gum faigh sinn tuilleadh ghoireasan a-staigh airson cur ris na sgoiltean, agus gu h-àraidh na h-àrd-sgoiltean.

"Agus gum bi prògram calpa againn airson na sgoiltean ùra sin a thogail ann an ùine a tha ciallach.

"Chan e dìreach a' feitheamh airson bliadhnaichean mòra mar a tha a' tachairt an-dràsta ann am Port Rìgh.

"Agus feumaidh sinn barrachd airgid fhaighinn a-steach air Saoghal na Gàidhlig, o chionn tha iarrtas mòr air tighinn thairis air an dà bhliadhna a th' air a dhol seachad airson taic agus, gu h-àraidh a thaobh tràth-bhliadhnaichean agus anns na sgoiltean.

"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil adhartas ga dhèanamh air sin, agus gum bi goireasan ann airson taic a thoirt do phàrantan agus do chloinn," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile