Dealan 24 uair ann an Eilean nam Muc

  • 25 Am Màrt 2013
Eilean nam Muc Image copyright LISA JARVIS / GEOGRAPH
Image caption Thuige seo cha robh dealan aig na h-Eileanaich ach naoi uairean san là.

Tha cothom a-nis aig muinntir Eilein nam Muc air dealan 24 uairean san là airson a' chiad turais.

Thuige seo, 's ann bho chruthadairean a bha a' ruith air diesel a bha dealan an eilein a' crochadh, agus cha robh e ri fhaotainn ach naoi uairean san là.

Bha amannan sònraichte aig gach taigh airson innealan nigheadaireachd a chur air.

A-nis ge-tà, tha sia crainn-ghaoithe agus na h-uidhir de chlàran-grèine air tòiseachadh a' cruthachadh an dealain nan àite, a' toirt seirbheis nas cunbhalaich agus nas earbsaiche do na h-Eileanaich.

Tha na h-uidhir de sgeamaichean beaga hydro anns an eilean cuideachd.

Fhuair Iomairtean Coimhearsnachd Eilein nam Muc £978,840 bho Stòras Mòr a' Chrannchuir Nàiseanta an-uiridh mu choinneimh nam pròiseactan ath-nuadhachail.

Tha Eilean nam Muc na laighe anns na h-Eileanan Tarsainn còmhla ri Canaigh, Eilean Eige agus Eilean Rùim.

Chan eil ach 38 duine a' fuireach air an eilean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile