Cinn Tìre fhathast às aonais an dealain

  • 25 Am Màrt 2013

Nì luchd-einnsiniridh gach oidhirp gus an dealan a chàradh airson nam mìltean a tha fhathast às aonais chumhachd.

Chaidh an dealan dheth air sgàth gèile 's sneachda Dihaoine.

Tha dragh ann an Eilean Arainn gum bi Dihaoine ann mus fhaigh iad an dealan air ais, 's sgoiltean an eilein 's ann an Ceann Loch Chille Chiarain dùinte Diluain.

Tha an A83 air a bhith dùinte air sgàth na droch shìde, 's chaidh seirbheisean aiseig sònraichte a chur air dòigh le Caledonian Mac a' Bhriuthainn airson biadh 's eile fhaighinn a Cheann Loch Chille Chiarain, a Chinn Tìre, 's do chuid de dh'Eileanan Earra-Ghàidheal.