Corp ga lorg ann an Uisge Fharair

  • 22 Am Màrt 2013
Dàma Aigeis
Chaidh uidheamachd chamara a lorg faisg air an dàma an-uiridh.

Chaidh corp a lorg ann an Uisge Fharair, faisg air a' Mhanachainn.

Chaidh a lorg faisg air far an deach fear a bhiodh a' togail dhealbhan de dh'ainmhidhean a dhìth o chionn ceithir mìosan, ri taobh Dàma Aigeis.

Bha Gòrdan Dawson, a bha 61, agus à Taigh an Easaidh anns a' Mhanachainn, a-muigh a' togail dhealbhan cois na h-aibhne, nuair a chaidh e a dhìth.

Thathas a' tuigsinn gun deach corp a lorg san abhainn na bu tràithe an t-seachdain seo. Cha deach ainmeachadh gu h-oifigeil fhathast.

Chunnacas Mgr Dawson mu dheireadh aig a dhachaigh faisg air deireadh na Samhna an-uiridh.

Bha na Poilis agus a' Chrois Dhearg an sàs anns an iomairt gus a lorg.

Chaidh uidheamachd chamara, a bhathas den bheachd a bha leis, a lorg faisg air Dàma Aigeis fhad 's a bhathas ga lorg.