Gearainean mun Finlaggan

  • 22 Am Màrt 2013
MV Finlaggan
Image caption Thuirt Cal Mac gun robh an droch shìde a th' air a bhith ann na duilgheadas do bhàta sam bith.

Tha gearrainnean air nochdadh anns na Hearadh mun t-seirbheis a tha muinntir an eilein a' faighinn bho bhàt-aiseig Chaledonain Mhic a' Bhriuthainn, am Finlaggan.

Tha muintir Uibhist a Tuath air gearainnean a thogail roimhe mun t-seirbheis a tha iadsan a' faighinn bhon t-soitheach, a th' air a bhith a' frithealadh an dà eilein air slighe Ùige thar a' Gheamhraidh seo.

Tha cuid ag ràdh gu bheil an soitheach dheth ro thric, agus tha ceistean gan togail mu cho freagarrach 's a tha i airson na slighe.

"Bha sinn aig coinneimh Fòram Còmhdhail na Hearadh, agus bha sinn air a bhith a' cluinntinn mu dheidhinn nan draghannan a bh' orra ann an Uibhist, 's mar a choinnich iad ris an àrd-stiùiriche a th' air Cal Mac," thuirt tè de chomhairlichean na Hearadh, Catriona Dhòmhnallach.

Treis sa Phort

"Thàinig e am follais aig a' choinneimh a bha sin gun robh daoine a' faireachdainn an aon rud anns na Hearadh, 's gun robh draghannan orra cuideachd.

"Agus gun robh iad airson seasamh gualain ri gualain ris na h-Uibhistich mu dheidhinn nach robhar ag iarraidh a' Finlaggan air an t-slighe a tha siud anns a' Gheamhradh tuilleadh.

"Tha sinn a' dol a sgrìobhadh gu Cal Mac, dìreach a' cantainn gu bheil dragh air daoine mu dheidhinn mar a bha i air a' Gheamhradh a bha seo.

"Cha robh gnothaichean cho dona idir againne 's a bha iad ann an Uibhist. Ach na dheidh sin, bha daoine mì-thoilichte nach e siud am bàta ceart airson na slighe a tha seo idir.

"Chan eil e cho furasta idir dhan Finlaggan tighinn a-steach dha na puirt a tha seo, an dòigh air a bheil i air a togail.

"Nuair a ruigeas i an cidhe tha an uair sin treis mus fhaigh iad cur air dòigh airson na càraichean a thoirt dhith.

"Mar sin, thathar ag iarraidh cuideachd air daoine aig a bheil duilgheadas sam bith, gu bheil còir na 's urrainn sgrìobhadh gu Cal Mac mu a deidhinn.

"Thathar a' dol a dhèanamh a h-uile h-oidhirp airson nach bi i againn an ath-Gheamhradh," thuirt i.

Thuirt Cal Mac roimhe gur e co-dhùnadh doirbh a th' ann seirbheisean a chur dheth agus gu bheil iad duilich mun bhuaidh a bhios aige sin.

Thuirt iad cuideachd gur e an droch shìde a dh'adhbharraich mar a chaidh seirbheisean a chur dheth o chionn ghoirid 's gum biodh sin na duilighdeas do bhàta sam bith.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile