Obair a' tòiseachadh air an A9

  • 22 Am Màrt 2013

Tòisichich obair leasachaidh air pìos eile den A9 Dihaoine.

Bidh Rùnaire Chaibineit Riaghaltas na h-Alba, Iain Swinney, a' comharrachadh na h-obrach, air an rathad eadar Longartaidh agus Bealach Bhraonainn, faisg air Peairt.

Tha an Riaghaltas ag amas air an A9 air fad a dhèanamh na rathad dà-fhìllte.

Ach tha cuid air ceistean a thogail mu cho comasach 's a bhios sin, ri innn 's mar a tha airgead poblach cho gann.