Oifisean Comhairle na Gàidhealtachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gabhaidh Bun-sgoil Ghàidhlig a' Ghearasdan leudachadh

21 Am Màrt 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gabhaidh Bun-sgoil Ghàidhlig ùr a' Ghearasdain a leudachadh bho cheithir seòmraichean-teagaisg gu ochd ma bhios sin a dhìth san àm ri teachd.

Chualas sin aig coinneimh Comataidh Sheirbheisean Inbheach agus Cloinne Comhairle na Gàidhealtachd far an deach aontachadh £5m a bharrachd a chur ris a' phròiseact gus trì bun-sgoiltean a thogail sa Ghearasdan, an sgoil Ghàidhlig nam measg.

Chuireadh barrachd ionmhais ris an sgeama an dèidh do thuilleadh rannsachaidh a bhith air a dhèanamh air na cosgaisean.

Seo Dòmhnall Angaidh Moireasdan.