Comhairle a' dol às àicheach buaidh ghearradh sheirbheisean-adhair

  • 21 Am Màrt 2013
Port-adhair Bheinn nam Fadhla
Image caption Sguir a' Chomhairle de bhith a' cumail subsadaidh ri seirbheis-adhair eadar Barraigh, Beinn nam Fadhla agus Steòrnabhagh.

Chaidh Comhairle nan Eilean Siar às àicheadh gu bheil mar a tha iad a' sguir de mhaoineachadh sheirbheisean-adhair eadar Steòrnabhagh, Beinn nam Fadhla agus Barraigh a-nis a' toirt buaidh air seirbheisean nach eil iad a' maoineachadh.

Thuirt BP agus BPA nan Eilean Siar, Aonghas Brianain MacNìll agus Alasdair Allan, gun robh Loganair air innse gu bheil iad a' sguir de sheirbheis eadar Steòrnabhagh agus Dùn Èideann Dihaoine ri linn 's nach eil plèana ri fhaotainn air sgàth co-dhùnadh na Comhairle.

Tha Mgr Allan ag ràdh gur e buille co-dhùnadh na Comhairle lagachadh a thoirt air seirbheisean-adhair air feadh nan Eilean Siar gu lèir.

"Tha a' Chomhairle, gu follaiseach, air co-dhùnadh a dhèanamh sguir den taic-airgid a bha iad a' cur ri seirbheisean Bheinn nam Fadhla agus Bharraigh," thuirt e.

"Chan eil fhios agam an do bheachdaich iad idir air mar a bheireadh e buaidh air seirbheisean eile.

"Chan e deagh naidheachd a th' ann do mhuinntir Leòdhais nas motha.

"Feumaidh ùidh fhoillseachadh 's a ràdh, mar chuideigin a chleachdas an t-seirbheis aig 07:00m Dihaoine à Dùn Èideann gu ruige Steòrnabhaigh gach seachdain, chan eil e math dhomhsa nas motha.

"Tha mi a' smaoineachadh, nuair a tha iad air am faicinn còmhla, nach eil rathad gu bheil na lùghdachaidhean a tha seo air seirbheisean-adhair anns na h-Eileanan Siar math do dh'eaconamaidh nan Eilean, agus mar a thuirt mi, tha e a' toirt orm smaoineachadh co-dhiù bheachdaich a' Chomhairle air a' ghnothach gu h-iomlan," thuirt e.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gun do dhearbh Loganair dhaibh gur e cho beag 's a bha ga cleachdadh gu cunbhalach a thug orra an t-seirbheis eadar Dùn Èideann is Steòrnabhagh madainn Dihaoine a tharraing.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile