Teagamh mu phròiseact tìde-mhara Chaoil Reatha

  • 21 Am Màrt 2013
Gleann Eilge Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha Gleann Eilge na àite a thàlas mòran luchd-turais gach bliadhna ri linn a bhòidhcheid.

Tha daoine ann an Gleann Eilge draghail mu phlana gus am pròiseact chumhachd tìde-mhàra as motha an Alba a stèidheachadh far chosta an Eilein Sgitheanaich.

Tha a' chompanaidh Sea Generation airson ceithir crainn mhòra a chur an àirde ann an Caol Reatha, a bhiodh 18 meatar os cionn na mara.

Gheall a' chompanaidh cumhachd gu leòr agus nach biodh truailleadh ann, ach chan eil Dòmhnall Iain MacLeòid, a tha a' fuireach an Gleann Eilge a' faicinn càil ach call.

"Bha mise a' smaoineachadh aig toiseach gnothaich gur dòcha gur e rud math a bh' ann," thuirt e.

"Ach bha mi aig a' choinneimh agus tha mi glè theagmhach mu dheidhinn a-niste.

"Chan eil fhios aig duine dè a' bhuaidh a bhios aige air an iasgach.

"Air an àrainneachd, chan eil mi a' smaointinn gum bi mòran aige air an àrainneachd.

"Ach aon rud - bidh buaidh aige air an turasachd.

"O chionn, chan eil iadsan airson a bhith a' coimhead a-mach à Gleann Eilge, far a bheil sealladh àlainn a-null thar na Linnidh Shlèitich chun an Eilein Sgitheanaich, ma tha iad a' coimhead air ceithir chrainn bhuidhe anns a' mhuir," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile