SSE gun clàr-ama ullachadh

Càbal air grunnd na mara Chan fhaigh sgeamaichean ath-nuadhachail sna h-Eileanan air ceangal ris a' Ghriod Nàiseanta às aonais a' chàbail.

Chan eil Scottish and Southern Energy agus a' bhuidheann SHE Transmission a tha mar phàirt dhiubh air clàr-ama a chruthachadh fhathast mu choinneimh Càbal a' Chuain Sgìth.

Dh'iarr riaghladair a' chumhachd, Ofgem, air na buidhnean innse gu follaiseach cuin a tha iad am beachd an càbal-dealain a chur an sàs ro dheireadh a' Ghearrain, agus gheall iad gun dèanadh iad sin.

Tha e a-niste air tighinn am bàrr nach do rinn iad e, ged a fhuair iad airgead bho luchd-leasachaidh nan sgeamaichean ath-nuadhachail anns na h-Eileanan.

Thathas a' faicinn a' chàbail mar rud riatanach airson piseach a thoirt air eaconamaidh nan Eilean Siar air bun-stèidh chumhachd ath-nuadhachail.

Thàinig dàil mòr air a' phròiseact, agus tha sin mar thà air toirt air aon chompanaidh a bha airson sgeama chumhachd nan tonn a chur an sàs ann an Leòdhas tarraing a-mach às an sgeama aca. Tharraing a' chompanaidh Wavegen, a tha fo sgèith companaidh Ghearmailtich, a-mach à Breatainn gu lèir às dèidh sin.

Tha an naidheachd nach eil SSE air clàr-ama ullachadh mar a gheall iad a-niste air toirt air a' Phrìomh Mhinistear Ailig Salmond, agus Rùnaire a' Chumhachd ann an Westminster Ed Davey, a dhol an sàs anns a' chùis.

Tuilleadh mun sgeulachd seo

Chan eil uallach air a' BhBC airson na tha air làraich-lìn eile.

Sgeulachdan aithriseach

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.